Cumha do Mhurchadh MacLeoid a Cnoc an t-Soluis, sgir Bhac, a thuit 'san arfhaich air a chiad la de 'n t-seachdeamh mice, 1916
Tha mi duilich, 'sinn tha duilich
Tha sinn duilich ma na cairdean;
Ach ged' tha sinn uile duilich,
'S e tha muladach a mhathair.
'N ioghnadh leat gu bheil duilich
Air an tulach a' air a fgail,
'S gun neach aice ris a seall;
'N am a teanntachd 's a cruaidh-chasan
Ach tha gealladh dhath s'an Fhairinn
Nach dean a dibreadh n'a fagail
's rinn Muire roghainn de 'n an mi sin
Air nach d' thig caochladh gu brath dith
's ann an toiseach mios July
A thuair iad a'naigheachd chraiteach
Gun deach "Murchadh BGeag" a chasgradh
San chiad "advance" a bh' aig na h-armuinn
Ach tha e cruaidh air fuil 's air feoil,
Mur dean comhnadh mor-ghrais e,
Fiuran dachmhor a thoirt uaip'se
'Bha fas suas ri 's e fo bhlath dhith.
'Nuair sin dh'fhaillinnich cridhe athair,
N; nach d'dhealaich ris san fhasach;
Cha robh sin idir na ioghnadh
B'e bh'aige riamh na Bhaniamin.
'N ioghnadh a reist is' bhith casineadh
'Na seann aois s a neart air failneadh,
Mar gealbhan beag 's e 'na aonar,
'S gun aon aic' a thogas aite
B'esan ailleagan a broillich,
Mar tha iomadh mac aig mathair
Ach b'esan a h-aon-ghinn 's a ciad-ghinn
'S cha 'n 'eil iognadh i bhith craiteach
'S ann orra fein a bha 'n uail leis
'Smuais a chuir iad 'na chamhan;
Ach se a bh'ann-san at na h-uireach
Ach co dhin b'e ceann a la e
'Nuair a thigeadh am an ordugh
B'e fear-comhnadh e dha mhathar
'S gu laigheadh 'n coigreach lon uaidh
'S aig a'bhord gur h-e bhitheadh cairdeil
Shaoileadh i na'm bitheadh e 'n Clagh-Ghria aic
Gu'm bitheadh a na riarachad d'a amhghar;
Ach 'sann tha uaigh-san anns an duthaich
Far eil iomadh fiuran aluinn
Fhuair i a "phictor" a Sasuinn
'N deigh a cheartachadh 'n airde
'S cha do leasaich sin a cuisean
Mar d'dh-uirich e 'n tuilleadh craidh dith
Bha beannachd nan nabaidhean aige
'S dubailt beannachd a chairdean
Cha do choisinn e fhein a chaochladh
Air a h-aon a bha san Nabachd
WMS
No comments:
Post a Comment